Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An Lùnasdal 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Luchd-màil

Thig lagh ùr gu bith an-diugh a tha ag amas air gum bi e nas doirbhe do chomhairlean agus do dh'ùghdarrasan taigheadais daoine a chur a-mach às na dachannan mur a h-eil iad air a bhith a' pàigheadh am màil mar a b chòir. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gum bi seo a' fàgail dhaoine le taighean air màl ann an suidheachadh nas coltaiche ri daoine aig a bheil sealbh air an dachannan fhèin ach a th' air dheireadh leis a' mhorgaids aca.

Siria

Chuir an Ceann-suidhe Assad ann an Siria aithris a-mach sa bheil e a' moladh nam feachdan aige nan strì an aghaidh bhuidhnean de cheannaircich, na bhriathran fhèin. Thuirt e gu bheil teachd Siria mar dhùthaich a' crochadh air a' bhlàr eadar na Reubaltaich agus feachdan an Riaghaltais.

Iasadan Banca

Tha sgeama an Riaghaltais agus Bhanca Shasainn a' tòiseachadh an-diugh 's iad ag amas air an eaconamaidh a bhrosnachadh le iasadan saora do bhancaichean. Bidh dleastanas air na bancaichean sin an uair sin iasadan saora a thoirt do luchd-gnothaich.

Gàrradh Àranais

Thuirt Fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gu bheil deagh dhòchas ann gun tigeadh tuilleadh obrach gu Gàrradh Àranais ann an Leòdhas an dèidh na naidheachd an-dè mu chùmhnant ùr. Tha BiFab a tha ag obair anns a' ghàrradh an-dràsta a' dùblachadh na tha de luchd-obrach aca aig Àranais, agus iad air cùmhnant ùr fhaighinn airson clàir-ola. Thuirt Mgr Dòmhnallach gu bheil dùil ri tuilleadh obrach a thaobh cumhachd ath-nuadhachail fhathast.

Bun-sgoil Ghàidhlig Dhùn Èideann

Tha dòchas ann gum bi bun-sgoil Ghàidhlig ùr Dhùn Èideann fosgailte mun àm seo an ath-bhliadhna airson teirm ùir na sgoile. B'e an-dè an ceann-là do chompanaidhean tairgse a dhèanamh airson na h-obrach leasachaidh, luach £3.5m dheth, air seann Sgoil Bhonnington. Bha dàil anns a' phròiseact nuair a dh'èirich cosgaisean leis gun robh togalach Sgoil Bhonnington air tuiteam às a chèile gu ìre fhad 's a bha i falamh. Tha dùil a-niste gun tòisich an obair air an ath-mhìos, agus gum bi an sgoil fosgailte an ceann bliadhna.

Badminton

Chan eil e follaiseach fhathast an tèid peanas air ochdnar chluicheadair badminton aig na Geamaichean Oilimpigeach a tha fo chasaid gun do dh'fheuch iad ri geamaichean a chall a dh'aona-ghnothaich. Bha sgiobannan dithis nam ban à Sìona, Coirea a Deas, agus Indonèisia, air a dhol troimhe mar thà dha na cairteal-chuairtean deireannach, agus tha amharas ann gun do chaill iad na geamaichean gus am biodh geama nas fhasa aca san ath-chuairt.