Dealbhan de Sgoil ùr MhicNeacail

Air fhoillseachadh
fo-thiotal an deilbhChosg an sgoil ùr £55m. 'S e Sgoil MhicNeacail an tè as motha anns na h-eileanan siar. Fosglaidh an goireas ùr 16mh den Lùnastal. Chaidh an t-seann sgoil a leagal son pàirc chàraichean agus raon spòrs a thogail.
fo-thiotal an deilbhBidh 1,100 sgoilear a' frithealadh na sgoile nuair a dh'fhosglas i.
fo-thiotal an deilbhBha riochdairean bho na trì companaidhean Èireannach fon ainm FMP a thog an togalach an làthair son an goireas a thoirt dhan bhuidhinn stiùiridh FES FM Earranta. Chaidh a' chompanaidh fhastadh le Comhairle nan Eilean Siar airson an togalach seo agus còig sgoiltean eile sna h-eileanan a chumail suas agus a chàradh gu 2039.
fo-thiotal an deilbhChaidh cuid de na pìosan eachdraidheil a bha anns an t-seann sgoil a chumail.