Trioblaidean le liosta feitheimh snàimh air a rèiteadh

Ionad spòrs is snàimh Inbhir Nis

Tha luchd-stiùiridh aig a' phrìomh amar-snàimh air Ghàidhealtachd ag ràdh gun do dhèilig iad ri trioblaid a bh' ann le liostaichean-feitheimh fada airson leasanan snàimh chloinne.

Bidh Inverness Leisure a' teagasg còrr is 2500 duine-cloinne gach seachdain.

Thuirt iad o chionn dà bhliadhna gur dòcha gum feumadh clann feitheamh dà bhliadhna airson cothrom leasanan fhaighinn.

'S ann air leasanan Pàrant is Pàiste a thig fear de na h-atharraichean as motha aig Inverness Leisure.

Brosnachadh

Nan àite, cuiridh iad prògram ùr Inbheach is Pàiste, a thèid tro chòig ìrean ionnsachaidh agus a mhaireas sia seachdainnean.

Tha an t-ionad ag ràdh gum faigh pàrantan bileag fiosrachaidh aig deireadh a' phrògraim sin, mu na tha iad air ionnsachadh, agus mar a bhrosnaicheas iad misneachd an cuid chloinne ann an amar-snàimh.

Tha na h-atharrachaidhean a' nochdadh às dèidh bliadhna de sgrùdadh a bhith air a dhèanamh.

Thuirt Manaidsear leasachaidh an ionaid, Eilidh NicIllEathain, gum faigheadh pàiste fon t-seann shiostam air tòiseachadh aig aois 6 mìosan, agus cumail a' dol gus an roghnaicheadh am pàrantan - fiù 's fada seachad air dhaibh fàs misneachail a' snàmh.

Thuirt i gun robh sin gan glasadh a-steach sa phrògram, gun cothrom a thoirt dha feadhainn eile a dhol an sàs.