Iarrtas ùr mu aiseag Loch Baghasdail

Dh'iarr fear a bha roimhe na fhear-gairm aig Comhairle nan Eilean Siar, Ailig Dòmhnallach, air Caledonian Mac a' Bhruthainn am bàta a tha dìomhain aca tro mhìosan an t-samhraidh a chur air an t-slighe eadar Malaig is Loch Baghasdail mar dheuchainn.
'S fhada bhon a thòisich iomairt son an leithid a stèidheachadh.
Ach a dh'aindeoin taic làidir sa choimhearsnachd chan eil coltas ann gu bheil an t-seirbheis dad nas fhaisge.
A' bruidhinn ann am Pàrlamaid na h-Alba sa Mhàirt am bliadhna, thuirt Ministear na Còmhdail, Cè Brown, gun robh an riaghaltas ag aithneachadh cho laidir sa tha beachdan mun ghnothach ann an Uibhist a Deas.
Dìomhain
Thuirt e gum beachdaich an riaghaltas a-rithist air seasmhachd eaconomach na seirbheis mar phàirt de leasaichean eile anns na h-Eileanan an Iar.
Thuirt e ge-tà nach robh planaichean idir aig an riaghaltas seirbheis phaidhleat a stèidheachadh eadar Malaig is Loch Baghasdail
A' bruidhinn air Prògram Choinnich air BBC Radio nan Gàidheal, thuirt Ailig Dòmhnallach, a bha cuideachd cheanna air Bòrd Stiùiridh Chal Mac, gum bu chòir dhan chompanaidh deuchainn a dhèanamh air an t-slighe tro mhìosan an t-samhraidh.
"Tha bàt-aiseig aca meadhan an t-samhraidh nach eil e ag obair agus a tha na laighe an ìre mhath dìomhain".
"Chanainn-sa gum bu chòir dhan bhàta sin a chleachdadh eadar Malaig is Loch Baghasdail agus shealladh sin - gu h-àraidh ann am mìosan an t-samhraidh - an t-iarrtas a th'ann agus am feum a dhèanadh i".
"Chunnaic mi an rud a thachair mar-thà nuair a chaidh bàt-aiseig a chur tarsainn air Caolas na Hearadh"
"Bhathas ag ràdh nach biodh an t-uamhas de dhaoine ga cleachdadh, ach anns a' chiad bhliadhna bha na h-àireamhan na b'àirde na bha san amharc gum biodh ann an còig bliadhna deug"
Suidheachaidhean èiginn
Thuirt fear-labhairt bho Chal Mac gu bheil goireasan a bharrach rim faighinn dhan chompanaidh bhon a thòisich an MV Fionn Lagan a' ruith air na seirbhisean aca.
Ach thuirt e cuideachd: "gum feum sinn cothromachadh a dhèanamh eadar sin agus an luach a th'ann gu bheil bàta a bharrachd againn airson suidheachaidhean èiginn a-thaobh bàtaichean a bhriseadh a thachras gu luath.
"Cha bhiodh an MV Eilean Arainn, ged nach eil i stèidhichte air slighe shònraichte, freagarrach son Malaig mar sin bhiodh againn ri soitheachan a ghluasad mun cuairt.
"Bhiodh sin na dhùbhlan fhèin a-thaobh dèiligeadh le obrair stiùiridh thairis air an lìonra air fad.
"Chan eil an MV Eilean Arainn ri faighinn an dràsta fhad 's a tha i a' frithealamh na slighe eadar Àird Rosain agus Eilean Arainn.
"Ann an co-theacs Ath-sgrùdadh Aiseagan na h-Alba tha sinn a' leantainn oirnn ag obair còmhla ri Còmhdhail na h-Alba agus leis a' choimhearsnachd feuch a bheil dòigh ann an t-seirbheis seo a thoirt seachad taobh a-staigh nan goireasan a th'againn.