Cosnaidhean ùra ann an Leòdhas

Gàradh Àranais
Image caption Thèid pìosan de na clàran a thogail ann an Gàradh Àranais ann an Leòdhas.

Thèid 350 cosnadh a chruthachadh ann an Leòdhas agus Fìofa le dà chùmhnant ùr airson clàran-ola a thèid a chur an Iar air Sealtainn.

Thèid na h-obraichean a chruthachadh leis a' chompanaidh BiFab, a bhios a' dealbhachadh uidheamachd airson gnìomhachas a' chumhachd.

Bidh a' mhor-chuid de na cosnaidhean ann am Fìobha, ach thèid feadhainn cuideachd a chruthachadh aig Garadh Àranais, ann an Leòdhas.

Bidh na clàran-ola a thèid a dhèanamh, comasach air seasamh ann an uisge sa bheil 135 meatar de dhoimhneachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile