Là math dhan Bhail' Ùr

Evan Menzies Image copyright Neil G Paterson
Image caption Sgiobair a' Bhail' Ùir, Evan Menzies, le Cupa Shutharlanaich

Bha deireadh-seachdain sònraichte aig Bail' Ùr an t-Slèibh agus an dà sgioba aca a' soirbheachadh ann am farpaisean chupa.

Sa gheama thrath Disathairne chaidh prìomh sgioba a' Bhail' Ùr air adhart dhan iar-chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd, 1-0 an aghaidh Loch Abair.

Bha am Bail' Ùr air buannachadh 5-1 nuair a chluich na sgiobaidhean ann an Cuairt Dheireannach Chupa MhicThàmhais, ach bha Loch Abar air gealltainn geama na bu dhuilghe an turas seo agus gu dearbh 'b ann mar sin a bha an gnothach.

Thàinig an tadhal cudromach as-dèidh uair a thìde bho Fhriseal Mac an Toisich agus Bail' Ùr an t-Slèibh a-nise gu bhith an aghaidh Chaol Bhòid san iar-chuairt dheireannaich air an 11mh den Lùnasdal.

Nas anmoich air an fheasgar chaidh an darna sgioba aig a' Bhail' Ùr an aghaidh nan seann nàmhaidean aca, Ceann a' Ghiuthsaich, son Chupa Shutharlanaich.

'B iad am Bail' Ùr a thòisich gu làidir is iad air thoiseach 3-0 as-dèidh dìreach 21 mionaidean, na tadhail bho Chalum Stiùbhairt is Evan Menzies (2).

Slaic

Fhuair Ceann a' Ghiuthsaich tadhal air ais bho Bob MacGriogair ach 's gann gun robh an geama air tòiseachadh a-rithist agus bha am ball air ais ann an lìon Chinn a' Ghiuthsaich, an Stiùbhairteach ga shlaiceadh a-steach son an gnothach fhàgail air 4-1 aig leathach ùine.

Chum Ceann a' Ghiuthsaich a' dol ge-tà agus chuir Savio Genini - fear òg a ghlac aire le mar a chluich e - tadhal as-dèidh 59 mionaidean, mus do ghearr Mìcheal Clark a' bheàrn gu 4-3 le 17 mionaidean ri dhol.

Bha Bail' Ùr an t-Slèibh air ais ann an suidheachadh làidir nuair a chuir Menzies an treas tadhal aigesan ach a-rithist cha do ghèill Ceann a' Ghiuthsaich le Iain Gibson air an tadhal.

Sin ge-tà an tadhal mu dheireadh agus Bail' Ùr an t-Slèibh a' soirbheachadh 5-4 ann an geama math dha-rìribh.

Sa Phrìomh Lìog tha Caol Bhòid air ais san darna àite - rinn iad a' chùis air Gleann Urachadain 6-3 ann an Taigh na Bruaich.

Cha mhòr nach eil cothrom Lòbhait air an tiotal seachad a-nise as-dèidh dhaibhsan call 4-1 ann an Inbhir Aora.

Deasachadh

Deasachadh math do dh'Inbhir Aora son a' gheama mhòir acasan an aghaidh Chinn Loch Seile ann an Cupa na Camanachd Disathairne.

Thog Eilean Bhòid a' chiad phuing aca ann an grunn sheachdainnean, 1-1 an aghaidh a' Ghearasdain, ach cha dèan e cus feum dhaibh is a h-uile coltas ann gur iad is Cill Mhàilidh a thèid sios bhon Phrìomh Lìog.

Ann an Lìog Tuath 1 chrìochnaich na Sgitheanaich co-ionnan 1-1 an aghaidh Chabair Fhèidh - agus abair geama cudromach a bhios aca ann am Port Rìgh an aghaidh Loch Abair Disathairne seo tighinn.

Sa cheann a deas ghabh Camanachd an Òbain ceum mòr a dh'ionnsaigh Lìog Deas 1 a bhuannachadh.

Rinn iad a' chùis air Srath Chura 3-2 agus le Gleann Urchaidh a' call 2-1 an aghaidh Thaigh an Uillt, chan eil a dhìth air sgioba an Òbain ach 5 puingean bho 5 geamaichean son a bhith cinnteach air an tiotal.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile