Pìleat bhon tubaist Tornado ga thiodhlaigeadh

Am Flt Lt Àdhaimh Sanders
Image caption Bha am Flt Lt Àdhamh Sanders air fear dhen triùir a bhàsaich san tubaist

Tha fear dhen triùir phìleatan a bhàsaich san tubaist le dà itealan Tornado anns an Linne Mhoireibh aig toiseach na mìos ga thiodhlaigeadh Dihaoine.

Chaidh an dà thornado, a bha stèidhichte aig Ionad RAF Inbhir Lòsaidh, dhan mhuir air an treas là dhen Iuchar.

'S ann à Formby faisg air Liverpool a bha am Flt Lt Àdhamh Sanders, a bha 27.

Bha na h-itealain air a bhith a' gabhail pàirt ann an eacarsaich trèanaidh nuair a thachair an tubaist.

Thàinig dithis beò às an tubaist - ach bhàsaich fear dhiubh sin, am Flt Lt Hywel Poole, anns an ospadal goirid às dèidh làimhe.

B' ann cealla-deug às dèidh na tubaist a chaidh cuirp Àdhaimh Shanders agus an Sqd Ldr Samuel Bailey a lorg agus a thoirt às an uisge.

Tha an ceathramh phìleat a bha an lùib na tubaist a' faighinn leigheis ann an ospadal airm ann an Sasainn.