Airgead do Cheòlas
- Air fhoillseachadh

Fhuair Ceòlas £5,000 bho Riaghaltas na h-Alba mu choinneamh nam planaichean airson Ionad Cultair a thogail ann an Uibhist a Deas.
Tha Ceòlas am beachd ionad, a chosgas £12m, a stèidheachadh ann an Dalabrog airson ceòl, dannsa agus Gàidhlig a theasgasg.
Chaidh an t-airgead ainmeachadh le Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseal, 's e air chuairt ann ann an Uibhist a Deas.
Thèid an t-airgead a dh'fhoillsich an Riaghaltas a chleachdadh air an sgrùdadh air iomchaidheachd nam planaichean a thoirt chun na h-ath-ìre.
Tha Ceòlas dhen bheachd gum biodh an t-ionad na bhuannachd mhòr do dh'eaconomaidh an eilein, agus gum faodadh e 50 obair a chruthachadh.
Tha Ceòlas mar-thà air planaichean fhoillseachadh a' sealltainn dreach an ionaid 's e gu bhith coltach ri dùn, anns am bi sia làr a dh'àirde.