Dragh mu iasgach nam muasgan-caola

Maosgan-caol. Bho Chomann Iasgairean Mhalaig 's an Iar-thuath Image copyright Other
Image caption Chaidh aithisg gu Marine Scotland air a' chùis

Tha iasgairean nam muasgan-caola air a' chost an Iar air dragh a nochdadh gun tèid an t-iasgach a ghearradh air ais gu mòr no fiù 's a dhùnadh uile gu lèir air sgath 's mar a tha uiread de thràbhlairean bhon Chuan a Tuath air gluasad chun taobh Siar.

Tha an t-àrdachadh san àireimh de bhàtaichean a tha ag iasgach far a' Chosta an Iar a' ciallachadh gun tig an ùine a tha e ceadaichte a chur seachad aig muir gu ceann nas tràithe na bha dùil.

Bha uallach air iasgairean o chionn beagan mhìosan an dèidh dhaibh faicinn gun robh barrachd bhàtaichean ag iasgach air a' chost an iar.

Bhon chiad là dhen Lùnastal, feumaidh a h-uile bàta a tha clàraichte air taobh an ear na h-Alba 's ann an Arcaibh 's ann an Sealtainn, a dhol air ais dhan Chuan a Tuath 's cha bhi e ceadaichte dhaibh tilleadh chun Chost an Iar fad sìa mìosan.

Beòshlaint reusanta

Ach, cha bhi e ceadaichte do dh'iasgairean a' Chosta an Iar ach 16 là a chur seachad aig muir a h-uile mìos agus do bhàtaichean le èinnsean nas motha na 300kw, cha bhi e ceadaichte ach 10 là sa mhìos a chur seachad aig muir.

Tha dragh air riochdairean an iasgaich nach bi e prothaideil beòshlaint reusanta a dhèanamh tro mhìosan a' Gheamhraidh leis a' chleachdadh seo.

"Saoilidh mise gum bu chòir làithean a thoirt dha na bàtaichean air th'air taobh an Iar Alba son cumail a' dol son cha do dh'atharraich iad an dòigh iasgaich air dhòigh sam bith," thuirt Rùnaire Comann Iasgair nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais.

Tha coltach gun robh mearachd choimpiutaireachd ann an oifis clàraidh a' ciallachadh nach deach 750 turas bàta air a' Chost an Iar a chlàradh chun an dràsta agus nach deach mothachadh dhaibh.

Thog Mgr MacAonghais cuideachd dragh gum faodadh bancaichean toirt air cuid de bhàtaichean stad a dh' obair mura faigheadh iad a-mach a dh'iasgach.

"Saoilidh mi gu bheil e gu math mì-chothromach... gu fulaing daoine nach do dh'adbhraich an cron a tha sin air dhòigh sam bith," thuirt e.