Craig Atkins
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Taic ga chur ri pòsaidhean gèidh

26 An t-Iuchar 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'fhaodadh gum bi na ciad phòsaidhean gèidh ann an Alba ann an 2015.

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' dol air adhart leis 's a' dol a chur bile air beulaibh na Pàrlamaid.

Tha gu leòr gu math diombach mun sin - mòran de na h-eaglaisean nam measg.

Ach tha feadhainn a tha a' cur taic ri pòsaidhean gèidh air an dòigh - a leithid Chraig Atkins a tha ann an compàirteachas catharra.