Rannsachadh mu fhèidh air an A830

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Alex Hedger
Fo-thiotal an deilbh,
Tha an àireamh thubaistean le fèidh beagan nas àirde air an A830

Thèid sgrùdadh a dhèanamh air a' chunnart bho fhèidh air rathad an A830 eadar an Gearasdan agus Malaig.

Tha an àireamh de thubaistean le fèidh air an rathad sin beagan nas àirde nan àbhaist air a' Ghàidhealtachd.

Bidh an sgrùdadh air a dhèanamh ann an co-bhuinn eadar Dualchas Nàdair na h-Alba, Buidheann Còmhdhail na h-Alba, Transerv Alba, Polais a' Chinn a' Tuath agus comhairlichean ionadail.

Chum a' bhuidheann a' chiad choinneamh aca air a' mhìos seo fhèin.

Bidh an sgrùdadh a' coimhead ri mar a bhios fèidh a' gluasad aig diofar amannan dhen bhliadhna agus dè na h-àitean anns a bheil iad gu h-àraidh nan cunnart.

Thathas an dùil am fiosrachadh sin a chleachdadh airson a' chunnart bho fhèidh air na rathaidean a lùghdachadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh