Ministear na h-Àrainneachd a' tadhal air na h-Eileanan Beaga

Air fhoillseachadh
fo-thiotal an deilbhTha còig bliadhna deug ann bho thàinig Eige fo smachd na daoine

Thèid Ministear na h-Àrainneachd, Stiùbhart Stevenson, air turas gu na h-Eileanan Beaga Diciadainn a dh'fhaicinn mar a tha beatha muinntir Eilean Rùim agus Eige air atharrachadh ri linn phròiseactan a tha ag amas air piseach a thoirt air an àrainneachd.

Fhuair Urras Coimhearsnachd Rùim taic-airgid bho chionn ghoirid bho sgeama Riaghaltais a tha a' brosnachadh phròiseactan a lùghdaicheas buaidh atharrachadh na sìde.

Cluinnidh am Ministear mun adhartas a thathas a' deanamh leis a' phròiseact air a bheil "Greening Rum".

Bidh e cuideachd a' dol a dh'Eige 's còig bliadhna deug ann a-nis bho thàinig an t-eilean fo smachd an t-sluaigh.

Chaidh sgeamaichean a chruthaicheas dealan bho chumhachd na gaoithe agus na greine a chuir air dòigh air an eilean thar nam beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh