Coinneamh Riaghaltais san Eilean Sgitheanach

Buill a' Chaibineit Albannaich
Image caption Bha a' choinneamh mar phàirt de chuairt-shamhraidh an Riaghaltais

Bha molaidhean a leigeadh le càraidean gèidh pòsadh agus trioblaidean còmhdhail a-measg nam prìomh dhraghan a nochd sluagh an Eilein Sgitheanaich nuair a bha cothrom aca ceistean a chuir air Riaghaltas na h-Alba Dimàirt.

Bha Caibeanat an Riaghaltais a' coinneachadh anns an Eilean Sgitheanach mar phàirt dhen chuairt-shamhraidh aca far am bi iad a' cumail choinneamhan ann an diofar sgìrean de dh'Alba.

Thuirt an t-Urr. Murchadh MacLeòid bhon Eaglais Shaoir Leantainnich gum feumadh an Riaghaltas gealltanas a thoirt seachad nach deadh luchd-eaglais agus luchd-obrach na roinne poblaiche nach biodh deònach gnothach a ghabhail ri pòsaidhean gèidh a pheanasachadh air sgàth an t-seasamh aca.

"Tha mi a' gluasad a-measg dhaoine agus tha mi a' faicinn a-rithist, 's a-rithist 's a-rithist ceist, eagal, uallach a' tighinn an àirde mu dheidhinn seo - a-measg chan ann a-mhàin luchd-eaglais ach daoine aig nach eil buntanas sam bith ri eaglais", thuirt e.

Gheall an Leas Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, gun tèid dìon a chuir air saorsa-labhairt agus còirichean luchd-eaglais ma thèid co-dhùnadh pòsaidhean gèidh a cheadachadh.

Còmhdhail

Bha trioblaidean còmhdhail, gu h-àraidh mar a bha Rathad an t-Sroim dùinte fad grunn mhìosan aig toiseach na bliadhna às dèidh maoim-slèibhe, a-measg nan draghan eile a chaidh a thogail leis an Riaghaltas.

Nochd iarrtas cuideachd gun deadh beachdachadh air raon-laighe an Eilein Sgitheanaich a chuir gu feum a-rithist.

Cumaidh Caibeanat an Riaghaltais Albannaich coinneamhan eile ann an Arcaibh agus ann an Roinn Friu ro dheireadh an t-samhraidh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile