Tuilleadh sheòlaidhean eadar Loch nam Madadh agus Ùige

MV Hebrides Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Bi seolaidhean a bharrachd ann Diluain agus Diciadainn.

Tha tuilleadh sheòlaidhean a' toiseachadh air seirbhisean aiseig Chaledonian Mhic a' Bhruthainn eadar Loch nan Madadh agus Ùige.

Bi seòlaidhean a bharrachd ann Diluain agus Diciadainn gus an teid aig companaidhean ionadail air stuth a' chuir gu margaidh.

Bha Comann Iasgair nan Eilean Siar am-measg na thog dragh gum biodh e doirbh stuth a'chuir gu deas le bacaidhean rathaid agus tèarainteachd fhad's tha na Geamaichean Olimpiceach a' dol air adhart.

Se faochadh a th'ann a-reir rùnaire a' Chomainn, Donnchadh MacAonghais.

''Bha sinn a' faicinn ri linn's gun robh na ceangalaichean a falbh dà uair a thìde nas traithe à Glaschu cha robh na carbaidean a' tiginn à Uibhist dol a dhèanamh a cheangal sin.''

''Nuair a sheall Caledonian Mac a' Bhruthainn ri na h-aiseagean samhraidh, chuir iad aiseag a bharrachd air oidhche haoine.

"Thug sin beagan faochaidh do Dhisathairne.''

Ceangalaichean

''An aon dòigh a bha sinne a faicinn a ghabhadh an ceangail sin a dhèanamh se aiseag a bharrachd a' chuir air feasgair Diluain agus feasgair Diciadain.''

''Tha sinn toilichte gun do dh'èisd Caledonian Mac a' Bhruthainn rinn.''

Chuir Ball Pàrlmaid nan Eilean Siar aig Westminster Aonghas Brianan MacNèill fàilte air an naidheachd.

Iarrtas

''Bhruidhinn mi ri Caledonian Mac a' Bhruthainn gus molladh dhaibh gabhail ri iarrtas Chomainn Iasgair nan Eilean Siar.''

''Tha mi uamahasach toilichte gun do ghabh iad ris oir bi e na bhuanachd do dh'iasgach sna h-eileanan.''

Tha na h-aiseagean a bharrachd a ruith chun a 5mh latha dhen t-Sultain.