Ro-innleachd Coimisean ùr na Croiteareachd

Thèid beachdachadh a dhèanamh air ro-innleachd Coimisean ùr na Croitearachd san am ri teachd agus iad a dèanamh co-luadar poblach air a' chùis.
Fo Achd Leasachaidh an Fhearainn 2010, feumaidh a' bhuidhean plana lèirsinneach a dhealbh airson na h-amasan aca a choileanadh thar na còig blaidhna ri teachd.
Tha conaltradh poblach, fad sia seachdainnean, a' toiseachadh Diluain air plana Coimisean ùr na Croitearachd.
Bi beachdan gan sireadh air ciamar a ghabhas mollaidhean bho aithisg Shuckmith a' chuir an gniomh.
Thug fear dhe na Coimiseanearan, Muchadh Mac'illfhinnein, seachad mìneachadh ag ràdh ''Tha e stèidhichte air dà rud a tha ann a Achd Leasachaidh an Fhearainn.
"Sin gu feum croitearean a bhi a' fuireach san àite aca fhèin agus ag obrachadh na croitean - a dèanamh rudeigin leis an talamh.''
Co-dhùnaidhean
''Tha sinn a dol a mach an drasta gus fhaicinn dè tha na comhairlean, Iomairt na Gàidhealtachd snan Eilean agus croiteran agus daoine eile a' smaoineachadh''
''Ma ghabhas Ministear an Àiteachais ris, bi e mar pholeasaidh againn.
"Ma tha sinn dol a dhèanamh na co-dhùnaidhean againn bi fios aig Cùirt an Fhearainn carson a thàinig sinn gu na co-dhùnaidhean sin agus carson a tha am poileasaidh ann.''
Faodaidh duine sam bith a tha airson beachdan a chuir an cèil, sgrìobhadh a dh'ionnsaidh a chomisean troimhn an larach-lìnn aca.
Theid am plana mu choinneamh Riaghaltas na h-Alba 'san t-Sultainn