Pàirce Nàiseanta 10 bliadhna de dh'aois

campadh aig Loch Laomainn Image copyright Pàirce Nàiseanta Loch Laomainn

Tha a' chiad Phàirce Nàiseanta ann an Alba a-nise deich bliadhna de dh'aois.

Chaidh Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn 's nan Tròsaichean a chur air bhonn gu h-oifigeil ann an 2002.

Chaidh a' Phàirc a chruthachadh gus piseach a thoirt air mar a bha turasachd agus gnìomhachasan eile gan ruith san sgìre.

Chan eil ach dà Phàirce Nàiseanta ann an Alba, le tè a' Mhonaidh Ruaidh ga cruthachadh ann an 2003.

Thairis air an deich bliadhna a dh'fhalbh tha Pàirce Nàiseanta Loch Laomainn 's nan Tròsaichean air a bhith an sàs ann am poileasaidhean connspaideach.

Connspaid

Am measg eile, bha bacadh a chaidh a chur air campachadh air sgàth daoine a bha ag òl deoch-làidir.

"Bha sinn uile dìreach ag ionnsachadh 's a' beachdachadh air dè dhèanamaid airson togail a thoirt don àite," thuirt Chrissy Dick, a bha air Bòrd na Pàirce nuair a thòisich e.

"Gu h-àraid timcheall air Loch Laomainn agus na Tròsaichean.

Image copyright Pàirce Nàiseanta Loch Laomainn
Image caption Ag iasgach air Loch Laomainn

"Tha mise a' faicinn gu bheil iad air obair mhòr a dhèanamh, ach tha fhios agam nach eil e a' còrdadh ris a h-uile duine.

"Bha Loch Laomainn riamh na tharraing do luchd-turais, agus gu h-àraid do dhaoine a' tighinn à Glaschu.

Campachadh

"Daoine a bhiodh ag obair anns na factaraidhean o chionn fhada, bha iad dìreach a' coimhead air adhart a bhith a' tighinn an seo aig an deireadh sheachdain.

"Bhiodh iad a' tighinn 's a' campachadh 's bhiodh gnothaichean a' dol uabhasach math.

"Ach mu dheireadh thòisich daoine a bhith a' tighinn le càraichean 's tòrr deoch aca.

"Seach mar a bhiodh iad a' dèanamh teintean sna seann làithean airson rudan a bhruich 's teatha a dhèanamh dhaibh fhèin, thòisich na teintean a' sìor fhàs mòr.

Image copyright Pàirce Nàiseanta Loch Laomainn
Image caption Sealadh as a Bhinnean

"Agus bhiodh iad a' tighinn le sàmhaichean-sèine 's a' gearradh chraobhan an àite a bhith a' cruinneachadh dìreach bioran is rudan.

"Thòisich seo a bhith a' cur bacadh air luchd-turais a bha a' tighinn le cloinn. Thòisich e dìreach a bhith a' cur eagail orra, agus thàinig na fo-laghan seo a-steach.

"Ach tha mòran a' smaoineachadh gu bheil seo air bacadh a chur air daoine a bhiodh a' tighinn agus a' dèanamh mar a thogras iad fhèin. Chan eil e cho fosgailte 's a b'àbhaist dha a bhith.

"Ach aig an aon àm tha e a' dìon na h-àrainneachd, mar a bha dùil aig a' Phàirce - sin fear de na rùintean a bh' aig a' Phàirce.

"Tha luchd-turais a-niste a' tilleadh air ais, nuair a tha iad a' faicinn gu bheil an t-àite nas sàbhailte 's nas glaine na bha e air a bhith o chionn bhliadhnaichean a-niste.

"Tha e air a bhith caran tàmailteach gun robh an t-àite brèagha a bha seo ga mhilleadh gu ìre agus nach robh daoine comhfhurtail a' tighinn ann.

"'S e àite gu math nas fheàrr a th' ann. Tha mi air a bhith an seo airson 50 bliadhna, agus chunna' mi fhèin diofar mòr san dòigh a bha daoine a' dèiligeadh ris an àite," thuirt i.

Ged nach eil càil sònraichte a' dol air adhart gus an ceann-bliadhna a chomharrachadh, tha ùghdarras na Pàirce Nàiseanta ag ràdh gum bi iad aig Geamaichean Gàidhealach na bliadhna seo airson an obair a tha iad a' dèanamh a thoirt gu aire dhaoine.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile