Scottish Citylink gan càineadh

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh, Bidh na busaichean a' giùlain luchd-siubhail eadar Ulapul agus Inbhir Nis.

Chaidh dubh-chàineadh a dhèanamh air a' chompanaidh Scottish Citylink, agus draghan ann gu bheil iad ri farpais mhì-chothromach an aghaidh companaidh eileanaich a th' air ùr-thòiseachdainn a' ruith bus eadar Ulapul is Inbhir Nis.

Bho chionn cola-deug thòisich Lochs Motor Transport air an t-seirbheis, ach là no dhà às dèidh sin chuir Citylink bus eile air an t-seirbheis, agus thug iad lùghdachadh air na prìsean aca.

Chaidh tè-labhairt às leth na companaidh glan às àicheadh chasaidean gun deach seo a dhèanamh a dh'aona-ghnothaich gus cuidhteas fhaighinn den chompanaidh eile.

Ach thuirt Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, gun deach an t-seirbheis ùr le Lochs Motor Transport a thòiseachdainn leis gu robh Citylink air sguir de làimhseachadh bhagaichean luchd-siubhail an aiseig.

Thuirt Stiùiriche Lochs Motor Transport, Ruairidh Dòmhnallach, gur e iarrtas bho Eileanaich a thug air an t-seirbheis a thòiseachdainn.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh