Sgoil-àraich Ealaghoil ga glèidheadh
- Air fhoillseachadh

Is coltach gun deach Sgoil-àraich Ealaghoil anns an Eilean Sgitheanach a shàbhaladh.
Bha cunnart ann gun dùineadh i leis nach bi ach aon phàiste a' dol innte às dèidh shaor-làithean an t-Samhraidh, le pàist eile an ath-bhliadhna.
Ach dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gum bi i fosgailte pàirt-ùine, dà là san t-seachdain.
"An rud as cudromaiche, 's e gu bheil i ga cumail fosgailte," thuirt Iain MacFhionghainn, aig a bheil ogha san sgoil-àraich.
"Bhon, mar a tha fhios aig a h-uile duine, aon uair 's gun dùinear dad mar sin, tha e gu math doirbh an uair sin fhosgladh a-rithist.
"Agus chan eil e gu diofar dè cho beag de chloinn, tha iad uile feumach air teagasg, agus 's e sin a dh'fhàg cho cudromach an suidheachadh.
"Tha iad a-niste air aontachadh a cumail fosgailte dà là san t-seachdain, agus tha sanas mar thà sna pàipearan a' coimhead airson luchd-teagaisg," thuirt e.