A9 dùinte aig an Aghaidh Mhòir

Air fhoillseachadh

Tha rathad an A9 dùinte aig an Aghaidh Mhòir, ri linn droch theine ann an làraidh.

Chaidh an làraidh na smàl, goirid an dèidh meadhan oidhche.

Tha slighe eile ga comharrachadh do dhràibhearan ann an carbadan beaga tro cheann-rathaid Ghrèanais anns an Aghaidh Mhòir gu ruige Drochaid Charra, agus a' tilleadh dhan A9 aig ceann-rathaid Bhlackmount.

Thuirt Poilis a' Chinn a Tuath gu bheil iad an dòchas gum bi iad air chomas an rathad fhosgladh do làraidhean a dh'aithghearr, le bhith a' cleachdadh siostam convoy.

Tha dùil gum bi an rathad dùinte do charbadan eile greis mhath fhathast ge-tà.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air làrach-lìn Traffic Scotland.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh