Briseadh dùil bho Oighreachd a' Chrùin

Cladach
Image caption 'S ann le Oighreachd a' Chrùin a tha grunnd na mara a-mach gu 12 mìle-mara.

'S e briseadh dùil mòr a th' ann nach eil Oighreachd a' Chrùin deònach smachd air grunnd na mara a sgaoileadh a-mach do choimhearsnachdan, a rèir Fhir-Ghairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.

Thàinig beachd na h-oighreachd mar fhreagairt do dh'aithisg bho Chomataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster san deach an oighreachd a chàineadh.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt Mgr Dòmhnallach gum bu chòir coinneamh a bhith ann cho luath 's a ghabhas le diofar bhuidhnean mu mar a ghabhas gluasad air a' cheist mu shealbh air grunnd na mara.

Tha coimhearsnachdan air miann a nochdadh o chionn ùine gum faigheadh iad smachd air grunnd na mara a-mach gu 12 mìle-mara bhon chladach, a tha an-dràsta fo smachd Oighreachd a' Chrùin.

Tha na coimhearsnachdan air a ràdh gum faigheadh iad buannachd a-mach à leasachaidhean co-cheangailte ri cumhachd ath-nuadhachail, agus gun cuireadh sin gu mòr ris an eaconamaidh ionadail aca.

Tha dàrna leth de chladaichean na h-Alba, agus cuid mhath den fhearann a tha ri thaobh, le Oighreachd a' Chrùin.

A' foillseachadh ath-leasachaidhean air mar a tha an Oighreachd ga ruith, thuirt Oighreachd a' Chrùin gun gèilleadh iad cuid de na còraichean iasgaich aca, agus corra pìos fearainn ann am baile Dhùn Èideann.

Tha na h-ath-leasachaidhean a' tighinn às dèidh mar a chàin aithisg a rinn Comataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster an Oighreachd gu mòr.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile