Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An t-Iuchar 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Bancaichean

Thuirt an Ceannard Làbarach, Ed Milliband, a-rithist gum feum atharrachadh tighinn air siostam banca na dùthcha. Ann an òraid gu Banca a' Cho-op ann an Lunnainn, thuirt Mgr Milliband gum feum còd obrach a stèidheachadh do bhancairean, agus thuirt e gum feum atharrachadh tighinn air am beachdan agus an dòighean-obrach.

Barclays

Bheir Leas-riaghladair Bhanca Shasainn, Paul Tucker, fianais do Bhuill-Phàrlamaid an-diugh mun sgainneal mun riadh aig Banca Barclays. Thèid Mgr Tucker a cheasnachadh mun chòmhradh a bh' aige air a' fòn le Bob Diamond, a bha na àrd-oifigear air Barclays aig an àm, agus tha aithrisean ann gun robh Mgr Tucker a' togail dragh mu cho àrd 's a bha ìre Libor aig Barclays.

Taigh nam Morairean

Chuir 70 ball Tòraidheach an ainm ri litir a' cur an aghaidh atharrachaidh air Taigh nam Morairean, agus Taigh nan Cumantan a' deisealachadh airson deasbad air a' chùis. Tha iad ag iarraidh làn-sgrùdaidh air a' bhile, a tha a' moladh gum biodh a' mhòr-chuid de bhuill nam Morairean air an taghadh. Bidh Buill-Phàrlamaid a' bhòtadh air a' chùis an ath-oidhche.

Taigh na Hearadh

Thèid an cùmhnant airson dachaigh chùraim ùr Taigh na Hearadh a thogail air an Tairbeart a-mach gu tairgse a-rithist. Stad an obair nuair a chaidh UBC fodha ann am fiachan anns a' Chèitean. Thàinig tagradh eile bho UB Hebrides, companaidh ùr a dh'èirich à UBC, ach cha do shoirbhich sin, agus dh'fhailich e an uair sin air luchd-rianachd cùmhnant freagarrach a chur air dòigh airson crìoch a chur air a' phròiseact, a chosgas mu £4.5m.

Burraidheachd Homophòbach

Tha còrr is an dàrna leth de sgoilearan gèidh ann an àrd-sgoiltean na h-Alba a' fulang burraidheachd. Tha aithisg ùr ag ràdh gu bheil mòran dhiubh ag ràdh gu bheil an leithid a' fàgail nach eil iad a' dèanamh cho math 's a bu chòir ann an deuchainnean agus obair-sgoile eile. Agus dh'innis cuid gun do dh'fheuch iad ri làmh a chur nam beatha fhèin. Tha beachd ann gum bu chòir trèanadh a thoirt do thidsearan ann an dèiligeadh ri burraidheachd den t-seòrsa seo.

Loidhne-rèile

Tha dragh sa Ghearasdan gu bheil dàil ann am fosgladh loidhne-rèile thaobh siar na Gàidhealtachd a' toirt droch bhuaidh air turasachd san sgìre. Tha an loidhne fhathast dùinte an dèidh do thrèana bathair tighinn far na rèile faisg air Stèisean na Tullaich air a' mhìos a chaidh. Tha muinntir a' Ghearasdain ag ràdh gu bheil am baile gu math nas sàmhaiche na bhiodh dùil aig àirde an t-Samhraidh, agus tha fear de chomhairlichean na sgìre, Brian Murphy, ag ràdh gu bheil seo cuideachd a' cur tuilleadh trafaig air rathad an A82, air a bheil mòran a' gearain mar thà.

Raon Goilf an Trumpaich

Tha carthannas fiadh-bheatha ag iarraidh air golfairean cuid de na bunkers air raon-goilf ùr Dhòmhnaill Thrump ann an Siorrachd Obar Dheathain a sheachnadh. Chuir Urras Fiadh-bheatha na h-Alba an aghaidh an leasachaidh, 's iad ag ràdh gun dèanadh e milleadh air na machraichean. Chuir an t-Urras a-niste litrichean gu golfairean proifeasanta a bhios aig a' chuirm fhosglaidh a-màireach, ag iarraidh orra pàirtean den raon a sheachnadh air eagal 's gun dèan iad milleadh air an àrainneachd.