Planaichean airson ionad cultair ùir an Uibhist a Deas

Dh'fhoillsich a' bhuidheann Ceòlas molaidhean airson sùil a thoirt air ionad ùr a thogail airson ealain agus ciùil ann an Uibhist a Deas.

Aig coinneimh anns an sgìre oidhche Mhàirt, chaidh innse gun cosgadh an togalach £12m, agus gum biodh iad ag iarraidh gum bi sin deiseil an ceann dà bhliadhna eile.

Thathas ag amas gum bi cùrsaichean ciùil agus Gàidhlig gan toirt seachad, agus gum bi an t-àite mar ionad airson cultair na Gàidhlig a bhrosnachadh.