Sheòl an Isle of Lewis

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, Undiscovered Scotland
fo-thiotal an deilbhBhuail trioblaidean teicnigeach air an t-soitheach dà thuras ann an cola-deug.

Dhearbh Caledonian Mac a' Bhriuthainn gun do sheòl an Isle of Lewis eadar Steòrnabhagh agus Ulapul na bu tràithe.

Chaidh cuideam a chur air Ministear Còmhdhail na h-Alba, Cè Mac Ille Dhuinn Dimàirt a dhol an sàs san deasbad mu na trioblaidean a th' air a bhith aig aiseag Steòrnabhaigh bho chionn ghoirid.

Bha seirbheisean dheth fad an là Dimàirt air sgàth thrioblaidean teicnigeach.

'S e an dàrna turas taobh a-staigh cola-deug a thachair an leithid.

Bha luchd-einnsiniridh ag obair tron oidhche airson na trioblaidean a chur ceart.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh