Soirbheachas Inbhir Aora

Inbhir Aora Image copyright Lee Bremner
Image caption 'S e là sònraichte a bh'ann do dh'Inbhir Aora.

Thug Inbhir Aora droineadh uamhasach 14-0 air Taigh an Uillt ann an Srath Chura son Cupa Comunn Ceilteach Ghlaschu a bhuannachadh.

Bha dùil ro-làimh gun dèanadh Inbhir Aora a' chùis gu furasta air Taigh an Uillt - sgioba nach robh riamh air a' chuairt dheireannach a ruighinn ron seo - agus gu dearbh 'b ann mar sin a dh'obraich an gnothach a-mach.

Bha Inbhir Aora air thoiseach 4-0 aig leathach ùine agus thug iad fìor phronnadh air Taigh an Uillt trath san darna leth le 7 tadhail ann an 15 mionaidean son gluasad gu 11-0.

Thàinig 3 tadhail eile sna beagan mhionaidean mu dheireadh.

Thàinig na tadhail air fad bho Russell MacFhionnlaigh (4), Garry Mac a' Phearsain (3), Eoghan MacMhurchaidh (3), Ruairidh Greumach (3) agus Crisdean Crawford (1).

Tha Inbhir Aora a-nise air an cupa seo a bhuannachadh 10 tursan san 12 bliadhnaichean a chaidh.

Bidh cothrom aca a dhol troimhe gu cuairt dheireannach eile an ath-sheachdain is iad a' dol an aghaidh Chamanachd an Òbain san iar-chuairt dheireannaich de Chupa MhicAmhlaidh.

Doirbh

'B e là doirbh a bh'ann do Thaigh an Uillt ach faodaidh iad a bhith moiteil gun d'ràinig iad an ìre seo.

Feumaidh iad a-nise feuchainn ris an t-àite ann an Liog Deas 1 a ghlèidheadh.

Sna geamaichean eile Disathairne ghluais Caol Bhòid gu mullach a' Phrìomh Lìog nuair a rinn iad a' chùis 2-1 air Lòbhat.

Bhuannaich An Gearasdan 3-2 an aghaidh Chinn Loch Seile agus chaill Cill Mhàillidh son a' chiad turas ann an 4 geamaichean, 3-1 an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich.

Cuideachd Disathairne chaidh A' Mhanachainn agus Loch Abar air adhart gu Cuairt Deireannach Chupa a' Bhaile Mhòir.

Rinn A' Mhanachainn a' chùis air Cille Mhoire 7-2 agus shoirbhich Loch Abar 4-0 an aghaidh Ghlaschu Mheadhan Earra-Ghàidheal.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile