Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An t-Ogmhìos 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Plana Nàiseanta na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig a' cur romhpa an àireamh chloinne a tha a' dol gu foghlam bun-sgoile tron Ghàidhlig gach bliadhna a dhùblachadh gu 800 an taobh a-staigh còig bliadhna. Tha sin am measg nan targaidean ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig airson 2012 gu 2017 a chaidh fhoillseachadh an-diugh. Dh'aidich Ministear na Gàidhlig, Alasdair Allan, gu bheil mòran obrach ri dhèanamh mus tig na figearan sin gu buil.

Na Bancaichean

Tha riaghladairean an ionmhais sna Stàitean Aonaichte, an Roinn Eòrpa an Àisia a' rannsachadh chasaidean gun robh buidhnean mòra, ionmhais Citygroup, JP Morgan agus Deutschebank nam measg, ag atharrachadh an rèidh air iasad eadar bancaichean. Chaidh càin de £290m air banca Barklays an-dè airson a bhith a' feuchainn ris an rèat atharrachadh, a tha a' toirt buaidh air cosgais iasaid do mhilleanan de luchd-cleachdaidh. Bheir an Seansalair, Seòras Osborne, aithris do Thaigh nan Cumantan feasgar air suidheachadh Barklays.

Siria

Tha aithrisean ann gu bheil an Tuirc a' stèidheachadh ghunnachan mòra agus armachd eile air a' chrìch ri Siria. Thug an Tuirc rabhadh do Shiria an sgìre sin a sheachnadh an dèidh do Shiria itealan-cogaidh Tuirceach a losgadh gu làr an teachdain seo chaidh.

Feachd Poilis

Chuir Rùnaire a' Cheartais, Coinneach MacAsgaill, dìon air co-dhùnadh Riaghaltas na h-Alba feachd poilis shingilte a stèidheachadh do dh'Alba air fad. Tha mòran a' gearain mun phlana fo an tèid feachd singilte a stèidheachadh cuideachd don t-seirbheis smàlaidh. Thuirt Mgr MacAsgaill gum bi na seirbheisean ùra gu math nas èifeachdaiche nuair a thig iad gu bith anns a' Ghiblean an ath-bhliadhna.

Sòn an Euro

Tha Àrd-choinneamh an Aonaidh Eòrpaich ann sa Bhruiseal an-diugh 's gun mòran choltais ann gu bheil a' Ghearmailt 's an Fhraing dad nas fhaisge air aonta mu thrioblaidean Sòn an Euro. Thuirt Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel, a-rithist, gum feum dùthchannan an airgid shingilte ceanglaichean poileataigeach agus ionmhais nas fhaisge a stèidheachadh an toiseach mus urrainn dhaibh na fiachan nàiseanta aca a chur còmhla.

Càrlabhagh is Brèascleit

Thèid faighneachd do choimhearsnachdan Chàrlabhaigh is Bhrèascleit ann an Leòdhas aig coinneimh phoblaich air an ath-mhìos a bheil iad airson am fearann a cheannach. Thuirt Cathraiche Chomann Coimhearsnachd Bhrèascleit, Coinneach MacIllInnein, gu bheil iad ag iarraidh beachd na coimhearsnachd air fad. Bidh a' choinneamh ann an Talla Choimhearsnachd Bhrèascleit aig 8:00f air an deicheamh là den ath-mhìos.

Claigeann

Tha rannsachadh foreansach ga dhèanamh air claigeann duine a fhuaireas air an tràigh ann am Barraigh Disathairne seo chaidh. Thuirt na Poilis nach eil coltas sam bith ann gur e bàs a tha seo a thachair bho chionn ghoirid, agus thuirt iad nach deach cnàmhan no cnàmhlach sam bith eile fhaighinn anns an sgìre.