Sgìrean glèidhte gan càineadh

Thuirt buidhnean àrainneachd nach dèan planaichean aig Riaghaltas na h-Alba airson sgìrean glèidhte aig muir mòran airson eòin mhara no mamalan a dhìon.

Tha an riaghaltas airson lìonra de sgìrean glèidhte a stèidheachadh ro dheireadh na bliadhna.

Ach, tha RSPB na h-Alba ag iarraidh air an riaghaltas am planaichean atharrachadh.

Tha iad ag iarraidh tuilleadh dìon airson eòin.

Cuideachd, thuirt Sarah Dolman bho Chomann Dìon nan Mucan-mara agus nan Leumadairean nach eil na sgìrean glèidhte math gu leòr airson mamalan.

Ach, bha Rùnaire na h-Àrainneachd, Riseard Lochhead, ag ràdh gu feum cothromachadh a bhith ann eadar glèidhteachas agus obair aig muir.