Ceann Loch Seile troimhe

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh,
Bhuannaich Ceann Loch Seile geama sònraichte an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich.

Chaidh Ceann Loch Seile troimh dhan chairteal chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd as-dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Ceann a' Ghiuthsaich, 5-3.

Chrìoch na sgiobaidhean co-ionnan 1-1 air a' chost an iar sa chiad gheama agus 'b e an dearbh sgor a bh'ann aig deireadh 90 mionaidean ann am Bàideanach Disathairne cuideachd.

Chaidh an geama gu ùine a bharrachd agus ged a chuir Raghnal Ros tadhal cha mhòr sa bhad ghabh Ceann Loch Seile an uairsin làmh an uachdair.

Chuir iad 4 tadhail ann an 11 mionaidean - na tadhail a' tighinn bho Dhonnchadh Ach MacRath, Cè MacRath (2) agus Iain MacRath.

Fhuair Ruairidh Borthwick tadhal air ais do Cheann a' Ghiuthsaich ach bha e ro anmoch is chrìochnaich an gnothach 5-3 do Cheann Loch Seile - là eachdraidheil dhan sgioba a tha a' cluich am bliadhna sa Phrìomh Lìog son a' chiad uair.

Cluichidh iad Lòbhat a-nise san ath-chuairt.

Uisge trom

Chaidh an geam eile ann an Cupa na Camanachd Disathairne - eadar Caol Bhòid is Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal - a chur dheth is uisge gu math trom sa cheann a deas.

Chuir an t-uisge sin às cuideachd do Chuairt Dheireannach Cupa Comunn Ceilteach Ghlaschu eadar Inbhir Aora is Taigh an Uillt.

Thèid an geama sin a-nise air adhart Disathairne seo tighinn.

Bha dà gheama sa Phrìomh Lìog cuideachd aig an deireadh-sheachdain.

Thill Baile Ùr an t-Slèibh dhan mhullach nuair a bhuannaich iad 2-1 air falbh an aghaidh a' Ghearasdain.

Sa gheama mhòr aig a' bhonn 'b e 2-2 a bh'ann eadar Cill Mhàillidh is Gleann Urchadain.

San dearbaidh ann an Lìog Tuath 1 rinn na Sgitheanaich an gnothach 2-0 air Loch Carran.

Ann an dearbaidh a' Chuan Sgìth shoirbich le Loch Bhraoin 2-0 an aghaidh Chamanachd Leòdhais.