Urram OBE do sheann Fhear-gairm

Mgr Dòmhnallach
Image caption Bha an naidheachd na h-iongnadh do Mhgr Dòmhnallach.

Chaidh urram OBE a bhuileachadh air Ailig Dòmhnallach, a chuir seachad 28 bliadhna na chomhairliche ann an Leòdhas.

Bha e na Fhear-gairm air Comhairle nan Eilean Siar fad bhliadhnaichean mus do dh'fhàg e a' Chomhairle sa Chèitean.

Chaidh an t-urram a bhuileachadh air ann an Liosta Colà-breith na Ban-rìghinn.

Bha an t-urram a fhuair Mgr Dòmhnallach na iongnadh dha thuirt e.

''Thàinig e orm mar chlach às an adhar. Cha robh dùil sam bith agam ri duais. Bha mise air a' Chomhairle airson na b'urrainn dhomh a dhèanamh airson na sgìre agam fhèin agus na h-Eileannan air fad.''

Cuideachd am measg na fhuair urram bhon Bhan-rìgh aig deireadh na seachdain, tha Peigi NicLeòid à Leòdhas.

Fhuair i MBE airson an obair a tha i air a dhèanamh na nurs tinneas an t-siucair agus do dhaoine a tha a' fulang le Tinneas Motor Neurone.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile