£800,000 do dh'Urras Coimhearsnachd Mhuaitheabhail

Crann-gaoithe Image copyright (C) British Broadcasting Corporation
Image caption Tha dùil ri £35m don Urras thairis air an ath 28 bliadhna.

Chaidh a' chaid shuim-airgid bho Thuath-gaoithe Coimhearsnachd Mhuaitheabhail ann an Leòdhas a thoirt seachad don choimhearsnachd.

Chaidh Urras Tuath-gaoithe Coimhearsnachd Mhuaitheabhail a chur air bhonn ann an 2005, gus taobh na coimhearsnachd den iomairt a làimhseachadh.

Tha iad a-nis air sealbh a ghabhail air a' chiad chnap den airgead - £800,000.

Tha dùil thairis air an ath 28 bliadhna, gun tig £35m don choimhearsnachd a-mach às an tuath-ghaoithe.

Le dùil ris an t-suim sin a bhith a' tighinn thuca, dh'fhaodadh gum bi an t-Urras air an fhear as motha dhe a leithid ann an Alba.

A rèir bun-reachd an Urrais, feumaidh àireamh shlàn de dh'Urrasairean a bhith ann an oifis mus gabh an t-airgead a sgaoileadh eadar phròiseactan coimhearsnachd.

Tha na h-Urrasan a th' ann an oifis mar thà ag amas air taghaidhean a chumail ron chiad sheachdain den t-Sultain am bliadhna, gus seachdnar Urrasairean aig a char as motha a thaghadh.

Cuiridh iad fios air daoine a tha nam buill air an Urras mu choinneimh a thèid a chumail co-cheangailte ri sin, a dh'aithghearr.

Faodaidh duine sam bith a tha a' fuireach ann an sgìre an Urrais (Ceann an Loch, a' Phàirc agus bailtean Loch Shìophoirt) agus nach eil nam buill ballrachd iarraidh.

Faodaidh buill seasamh airson a bhith nan Urrasairean, agus bidh bhòt aca anns an taghadh a th' air fàire.