Bhòt faisg air dùnadh sgoiltean sna h-Eileanan

Sgoil Sheileaboist
Image caption Dhùinidh na sgoiltean aig deireadh na mìos ma bhòtas an làn-Chomhairle air a son.

'S ann air bhòt a' Chathraiche a cho-dhùin Comataidh an Fhoghlaim aig Comhairle Nan Eilean Siar oidhche Mhàirt gabhail ri breith cùirteach a thug cead dhan Chomhairle bun-sgoiltean Chàrlabhaigh 's Sheileboist agus àrd-sgoiltean dà-bhliadhna Shiaboist agus Lionail a dhùnadh aig deireadh na mìos seo.

Ach tha sin uile fhathast a' crochadh air an làn-Chomhairle an ath-sheachdain agus co-dhiù nì Riaghaltas na h-Alba ath-thagradh cùirteach.

Tha trì seachdainnean aig an Riaghaltas airson sin a dhèanamh, suas chun an 27mh den mhìos.

Bha na bhòtaichean aig ochd air gach taobh gus an do chleachd Cathraiche na Comataidh, Catriona Stiùbhart, a dàrna bhòt.

"Nochd na beachdan ann an sin, agus tha e glè fhurasta a thuigsinn carson a bhiodh sin," thuirt a' Bh.Ph. Stiùbhart.

"Ach bha againn ri dhol leis a' chomhairle laghail a fhuair sinn.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Cathraiche an Fhoghlaim a' toirt seachad a beachd.

"Chaidh sinne air adhart le co-dhùnadh na Comhairle, agus le sin bha am beachd a thug am Morair dhuinn ga dhèanamh gu math soilleir gum feumadh sinn a dhol air adhart agus na sgoiltean a dhùnadh," thuirt i.

Tha cuid misneachail gum faigh iad air na ceithir sgoiltean a chumail fosgailte.

A rèir aon chomhairliche, a th' air a bhith a' strì son na sgoiltean a chumail fosgailte, 's e adhbhar misneachd a th' ann an co-dhùnadh Comataidh an Fhoghlaim air thoiseach air a' bhòt aig an làn-Chomhairle.

Thuirt an Comh. Coinneach MacLeòid nach robh dùil gum biodh a' bhòt cho faisg 's a bha i, 's gun cumadh iad orra a' stri.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil an taic ann. Cha robh duine an dùil gum biodh i cho teann an-diugh," thuirt e.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
An Comh. Coinneach MacLeòid a' toirt seachad a bheachd.

"'S e Dàrna Bhòt Chathraiche na comataidh a bhuannaich an là don fheadhainn a tha ag iarraidh na sgoiltean a dhùnadh an ceann cola-deug eile.

"Tha sin a' toirt misneachd mhòir dhuinne mar chomhairlichean a tha ag iarraidh na sgoiltean a chumail fosgailte airson Coinneamh na làn-Chomhairle an ath-sheachdain," thuirt e.

Ma bhòtas an làn-Chomhairle seachdain Diardaoin airson na sgoiltean a dhùnadh, thachradh sin aig deireadh na mìos.