Bàta-slaodaidh a' tilleadh a dh'Alba

Bàta-slaodaidh Image copyright bbc
Image caption Chaidh an dà shoitheach a bh' ann roimhe a thoirt às seirbheis am bliadhna.

Dhearbh Oifis na h-Alba gum bi bàta-slaodaidh stèidhichte ann an uisgeachan na h-Alba a-rithist, agus gum pàigh an Riaghaltas air a son.

Ach cha bhi ann ach aon bhàta, seach a dha bh' ann roimhe.

Chan eil fios fhathast càite am bi am bàta stèidhichte, leis an Riaghaltas ag ràdh gur dòcha nach bi i sa Chuan Sgith fad na h-ùine, 's gum bi i a' frithealadh sgìre nas fharsainne.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air fàilte a chur air an naidheachd cuideachd, ag ràdh gun robh an Riaghaltas air èisteachd ris na h-argamaidean a rinn iad fhèin agus buidhnean eile.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile