Dithis air ainmeachadh às dèidh tubaiste mairbhtich

Tubaist aig an Ràth Liath Image copyright other
Image caption Bhuinneadh an dithis do Ghlaschu.

Dh'ainmich na Poilis dithis fhireannach a chaidh a mharbhadh ann an tubaist-rathaid air an A9 aig an Ràth Liath.

B'iad Mark MacPhàrlainn, a bha 38, agus Barry Moireach, a bha 28.

Bhuinneadh iad do sgìre Ghlaschu, agus bha iad ag obair còmhla mar luchd-peantaidh.

Bha an dithis a' siubhail ann am bhana a bhuail ann am bus a bha a' giùlain dhaoine gu fèis-chiùil RockNess ann an Dubhras.

Thachair an tubaist aig 3:42f Dihaoine.

Chaidh am boireannach a bha a' dràibheadh a' bhus, air an robh 48 duine, a ghearradh a-mach às.

Chaidh cuid a bh' air bòrd a chur a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.