Gearainnean mu aiseag Shàbaid

Air fhoillseachadh
fo-thiotal an deilbhThig an co-chomhairleachadh gu crìch seachdain bho Dhihaoine.

Tha feadhainn a' gearain nach deach ùine gu leòr a thoirt dhaibh na beachdan aca a chur air adhart ann an co-chomhairleachadh Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn air aiseag Sàbaid eadar Tairbeart na Hearadh agus Ùige anns an Eilean Sgitheanach.

Tha mòran a tha an sàs ann an obair turasachd ag ràdh gu bheil barrachd sheirbheisean aiseig a dhìth eadar Loch nam Madadh, an Tairbeart agus Ùige.

Tha CalMac an-dràsta ag iarraidh bheachdan dhaoine air seirbheisean ùra airson oidhche Haoine agus feasgar na Sàbaid.

Crìochnaichidh an co-comhairleachadh seachdain bho Dhihaoine.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh