Còignear gan toirt gu sàbhailteachd à Linne Mhoireibh

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, Undiscovered Scotland
fo-thiotal an deilbhChuireadh fios air na seirbheisean èiginn mu mheadhan là.

Chaidh còignear a thoirt gu sàbhailte o Linne Mhoireibh an dèidh do na geòlaichean aca car a chur san fhairge.

Chaidh fios air na seirbheisean èiginn gu bàgh Inbhir Èireann mu mheadhan là.

B'iad Maoir-chladaich Obar Dheathain a bha os cionn na h-iomairt teasairginn.

Thuirt neach-labhairt do na Maoir-chladaich gun d'fhuair a h-uile neach as le am beatha.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh