An dàrna cuairt de Chupa na Camanachd

Geama iomain

Chaidh an dàrna cuairt de Chupa na Camanachd a chluich Disathairne.

Sin a' chiad chuairt den chupa as an do ghabh sgiobaidhean bhon Phrìomh Lìog pàirt.

Chluich a' Bhaile Ùr an t-Slèibh, a bhuinig an cupa an uiridh aig an raon-cluiche aca, an t-Eilean, an aghaidh Na Manachainn bhon chiad Roinn a Tuath.

Chaill Ceann a' Ghiùthsaich anns na mionaidean mu dheireadh den chupa an uiridh is bha geama doiribh san amharc dhaibh is iad air falbh gu Ceann Loch Seile.

Bha an dà sgioba air cluich a chèile dà thuras mar-thà an sèusan-sa, le gach sgioba a' buinig geama an urra.

Disathairne 2n den t-Og-mhios

Glaschu Meadhain Earra-Ghàidheal1-1Caolas Bhòid

Inbhir Aora4-0Srath Ghlais

Cill Mhàilidh3-1An Gearasdan

Ceann Loch Seile1-1Ceann a' Ghiùthsaich

Loch Abar4-0Eilean Bhòid

Lòbhat6-0Cille Mhoire

Baile Ùr an t-Slèibh7-0A' Mhanachainn

An t-Eilean Sgitheanach2-1Gleann Urchadan