Lòchran nan Geamaichean air Leòdhas fhàgail

An Lòchran Oilimpigeach
Image caption Tha an Lòchran a-nis a' dèanamh air Inbhir Nis agus Obar Dheathain.

Chaidh an Lòchran Oilimpigeach a ghiùlain mu shràidean Steòrnabhaigh tràth madainn Diluain.

B'iad 20 neach às an sgìre a ghiùlain an Lòchran, le gach duine aca an urra ri pìos den t-slighe trì mìle tron bhaile.

Chaidh an taghadh às dèidh mholaidhean bhon choimhearsnachd, ri linn 's mar a chuidich iad le adhbharan carthannais, le iomairtean coimhearsnachd, mar a thug iad seachad an cuid ùine gu saor-thoileach, no mar a shoirbhich leotha ann an spòrs.

Chuireadh an Lòchran thuige aig Tursachan Chalanais aig glasadh an là le mu 75 duine a coimhead, mus deach a thoirt gu Steòrnabhagh, far an robh sluagh mòr ga fheitheamh.

Chuir a' ghaoth às do dhà lòchran aig an Tursachan, agus b'fheudar a chur thuige a-rithist leis an tùs-lasair.

Thòisich a' chuairt aig 06:30m aig oifisean na Comhairle, agus chaidh an Lòchran a thoirt mun bhaile, suas gu Coilaiste a' Chaisteil, agus air ais gu ruige Raon-spòrs Rathad Mhic a' Ghobhainn, far an do thòisich cuirm shònraichte aig 07:30m.

Bha am pìobaire Anna Fhriseal agus an seinneadair Kathleen NicAonghais a' gabhail pàirt anns a' chuirm.

Chaidh an Coire Oilimpigeach a thaisbeanadh aig a chuirm, air an do lean tachartas spòrs nan sgoiltean dùthchail.

Tha an Lòchran a-nis a' dèanamh air Obar Dheathain, taobh Inbhir Nis.

Tuilleadh air an sgeulachd seo