Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An Cèitean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Neo-eisimeileachd

Thèid an iomairt oifigeil airson neo-eisimeileachd do dh'Alba fhoillseachadh ann an Dùn Èideann an-diugh, agus Riaghaltas SNP na h-Alba airson referendum a chumail ann an 2014. Tha an SNP ag ràdh gur ann aig muinntir na h-Alba a bu chòir smachd air an dùthaich a bhith. Tha an iomairt an aghaidh neo-eisimeileachd ag ràdh gu bheil iad den bheachd fhathast gum bhòt a' mhòr-chuid an aghaidh sgarradh bhon Rìoghachd Aonaichte.

An Spàinn

Chuir na margaidhean ionmhais san Spàinn casg air reic is ceannach earrainnean sa cheathramh banca as motha san dùthaich, Bankia. Ghabh an stàit smachd air pàirt den bhanca sin bho chionn cola-deug. Tha e coltach gu bheil am banca ag ullachadh airson taic de €14bn iarraidh air an Riaghaltas ann am Madrid.

Banca Lloyds

Thèid tè a bha na ceannard air tèarainnteachd aig Banca Lloyds a chur fo chasaid gun do rinn i luach faisg air £2.5m de dh'fhoill. Thèid Jessica Harper mu choinneimh Cùirt nam Britheamh ann an Westminster aig deireadh na mìos seo.

Leveson

Tha Àdhamh Mac a' Ghobhainn, a dh'fhàg a dhreuchd air a' mhìos a chaidh mar chomhairliche do Rùnaire a' Chultair, Jeremy Hunt, a' toirt fianais airson an dàrna là do Rannsachadh Leveson air na meadhanan naidheachd. Dh'fhàg Mgr Mac a' Ghobhainn a dhreuchd agus e ag aideachadh gun deach e ro dhlùth air oidhirp News Corporation air BSkyB a ghabhail thairis.

Pagastan

Bhòt Seanadh nan Stàitean Aonaichte gun geàrr iad na h-uidhir den taic-airgid a tha iad a' toirt do Phagastan, leis gun deach dotair a chuidich a' lorg Osama Bin Laden a chur dhan phrìosan ann am Pagastan airson an dùthaich a thrèigsinn. Bha an Dr. Shakil Afridi os cionn ionaid mheidigich ann an sgìre a' Khyber, a chuidich le faighinn sgeul air Bin Laden.

UBCivils Eta.

Chaidh 30 obair eile a shàbhaladh aig meur den chompanaidh UBC a chaidh fodha bho chionn cola-deug. Tha UBCivils Eta. an sàs ann a bhith a' togail rathaidean is obair einsinnireachd air an loidhne-dealain ùr aig SSE eadar a' Mhanachainn agus Denny. Chaidh innse gum bi 15 duine a' tòiseachadh as ùr Diluain a' togail rathaidean agus drochaidean ann an Gleann Moireasdain, agus faisg air Cille Chuimein.