Dùil ri co-dhùnadh cùis-lagha mu dhùnadh sgoiltean

An Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann Image copyright Scottish Courts
Image caption Tha deich seachdainnean ann a-nis bho nochd a' chùis san Àrd-Chùirt

Tha dùil ri co-dhùnadh anns na làithean a tha ri thighinn air cùis-lagha Chomhairle nan Eilean Siar an aghaidh Riaghaltas na h-Alba air dùnadh sgoiltean.

Tha deich seachdainnean ann a-nis bho nochd an dà thaobh ann an Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann, le clann, pàrantan agus luchd-obrach nan sgoiltean a' feitheamh air fiosrachadh am bi na sgoiltean aca fosgailte san ath bhliadhna sgoile.

Dh'aontaich Comhairle nan Eilean Siar ann an 2010 11 sgoil a dhùnadh.

Chaidh ceithir de na sgoiltean sin a ghairm a-steach leis an Riaghaltas - Bun-sgoiltean Chàrlabhaigh agus Sheileaboist, agus Roinnean Àrd-sgoile Lionail agus Shiaboist.

Cho-dhùin an Riaghaltas gum bu chòir gum fuiricheadh na sgoiltean sin fosgailte, ach chaidh a' Chomhairle an aghaidh sin, ag iarraidh Ath-bhreithneachaidh Chùirte.

Chuala a' Chomhairle a-nis gum bi co-dhùnadh a' bhritheimh, am Morair Brailsford, aca an ceann beagan làithean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile