Cuairt dheireannach Chupa Juniors na h-Alba air BBC ALBA

Cluichidh Auchinleck Talbot agus Shotts Bon Accord ann an cuairt dheireannaich Chupa Juniors na h-Alba beò air BBC ALBA air Là na Sàbaid bho 4:00f.

Choisinn Shotts Bon Accord àite ann an cuairt dheireannach na bliadhna seo às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Largs Thistle le breaban-peanais.

B' ann air èiginn a fhuair Auchenleck Talbot don ìre seo den chupa iad fhèin, bha iad cuideachd feumach air breaban-peanais anns a' gheama acasan an aghaidh Bonnyrigg Rose.

Tha fada a bharrachd eòlais aig Auchenleck Talbot air an cupa seo a bhuanachadh na th' aig Shotts Bon Accord.

Bhuannaich sgioba Shiorrachd Àir an cupa son an naoidheamh turais an-uiridh.

Bidh cothrom aig Shotts Bon Accord an duais fhaighinn son an dàrna turais nan eachdraidh, an aon turas eile ann an 1958.