Plana ga iarraidh son an A83

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, bbc
Fo-thiotal an deilbh, Bidh an rathad dùinte ri linn mhaoimtean-slèibhe gu tric.

Iarraidh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air Riaghaltas na h-Alba cùis ghothachais ullachadh airson an A83 a leasachadh eadar Ceann na Creige agus Ceann Loch Cille Chiarain.

Bha sin am measg nan rudan a chaidh aontachadh aig a' chiad choinneimh den Chomhairle ùir Dimàirt.

Bidh a' cho-bhanntachd ùr a tha a' riaghladh na Comhairle a' cur taic ri ath-chuinge bho thè de na buidhnean a tha nam measg - Argyll First - a tha ag iarraidh leasachaidh air an rathad aig an Rest and be Thankful, far a bheil maoimtean-slèibhe air maill a chur air an trafaig gu tric, a thuilleadh air an earrann den rathad tuath air Ceann Loch Cille Chiarain.

Còmhla ri Argyll First anns a' cho-bhanntachd ùir tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba agus cuid de na Neo-eisimeilich.

'S e an A83 am prìomh rathad tro mheadhan Earra-Ghàidheal.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh