A' lorg an dealan-dè

Chequered Skipper Image copyright Forestry Commission
Image caption Tha an dealan-dè seo air a bhith gu math tearc

Thòisich rannsachadh son lorg fhaighinn air gnè de dhealan-dè gu math tearc a bha gu ruige seo dìreach ri fhaighinn timcheall a' Ghearasdain.

Gheibhear sealbh air an chequered skipper 30 mìle timcheall a' Ghearasdain as deidh dha a dhol à bith ann a pìosan eile de Bhreatainn.

Bi na burrais ag ithe fiar-monaidh purpaidh a tha uaine son ùine nas fhaide air sgàth's sìde na sgìre.

Rinn Buidheann Dion nan Dealan-dè agus Buidheann Dion na h-Àrainneachd rannsachadh agus fhuair iad gun robh sgìrean eile an Alba a bha comasach air an dealan-dè àrach leithid Earra Ghàidheal, Cataibh agus Taobh Siar Rois cuideachd.

Tearc

Tha na chequered skippers feumach air samhraidhean fluich, agus geamhraidhean ciùin a tha a' fàgail an fheòir purpaidh a' fàs nas fhaide agus a' fantainn uaine son greis nas fhaide.

Tha seo a' cuideachadh nan dealan-dè adhartas a dhèanamh mus tèid iad a chadal son a' gheamhraidh.

Ann an sgìrean eile de Bhreatainn, tha am feur a' faighinn bàs nas tràithe 's chan fhuiling na chequered skippers seo idir.

Tha iad air an iteag eadar meadhan a' Cheitinn agus deireadh an Òg Mhios 's chìthear iad air làithean blàth grianach a' gabhail sìle bho na dìtheanan - cluaran lèana agus a' chailleach fhuar.

Thuirt an t-eòlaiche Dr Tom Prescott "Tha an chequered skipper gu math tearc agus socharach, ach tha sinn a nise a' creidsinn gu bheil i nas bitheanta na bha sinn an dùil".

"Tha sinn air ceud 1km-cearnagach a' chlàradh far a bheil sinn a' smaointinn a dh'fhaodar an dealan-dè fhaicinn.

"Tha sinn ag iarraidh taic a' phobaill feuch a bheil seo fior, le bhith coimhead airson an dealan-dè anns na sgìrean sin".

Ma tha sibh air an dealan-dè fhaicinn faodaidh sibh fios a chur gu www.butterfly-conservation.org