"Glanadh domhainn" aig Ospadal an Ràthaig Mhòir

Ospadal an Ràthaig Mhòir
Image caption Tha dà uàrd anns an ospadal dùinte air sgàth Norovirus

Thòisich glanadh domhainn ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis Diluain às dèidh mar a dhùin tinneas dìobhairt a' gheamhraidh trì uàrdan anns an ospadal.

Chaidh uàrdan 6C, 2A agus 7C a dhùnadh do dh'euslaintich ùra an t-seachdainn a chaidh, ann an oidhirp stad a chur air bho bhith a' sgapadh.

Chaidh uàrd 6C fhosgladh às ùr Diluain nuair a dhearbhadh deuchainnean nach robh an galar ann tuilleadh.

Tha dùil gun tèid uàrd Rosebank ann an ospadal Ghallaibh, a chaidh a dhùnadh bho chionn seachdainn air sgàth a' ghalair, fhosgladh a-rithist Dimàirt.

Thuirt tè-labhairt bho Urras NHS na Gàidhealtachd nach do nochd gin a chùisean ùra aig an deireadh sheachdainn, agus gu bheil nas lugha dhaoine a-nis a' fulaing leis a' ghalar.

Thathas ag iarraidh air luchd-tadhail air an robh an galar iad fhèin, neo a tha a' fuireach còmhla ri cuideigin air a bheil tinneas dìobhairt, fuireach là neo dhà mus tig iad a-steach dhan ospadal.

Bu chòir do dhaoine cuideachd an làmhan a nighe mus tèid iad a-steach dhan ospadal, agus a-rithist nuair a dh'fhàgas iad an togalach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile