Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An Cèitean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Eaconamaidh na Spàinne

Thuit luach margaidhean ionmhais na h-Eòrpa agus Àisia gu mòr an-diugh an dèidh ìsleachaidh air ìre chreidis 16 de bhancaichean na Spàinne. Tha luach earrainnean ann an Lunnainn, Paris agus Frankfurt sìos agus a' bhuidheann Moody's a tha a' tomhas creidis ag ràdh gu bheil dragh mòr orra mun chrìonadh agus cion-cosnaidh san Spàinn.

An G8

Bidh an Ceann-suidhe Obama os cionn coinneimh dùthchannan an G8 aig Camp David faisg air Washington air an deireadh sheachdain, far am bi iad a' deasbad trioblaidean eaconamach na Cruinne. Ron a sin coinnichidh Dàibhidh Camshron ri Ceann-suidhe ùr na Frainge, Francois Hollande, ann an Washington. Tha Sràid Downing air a dhol às àicheadh nach eil an dithis sin ro chàirdeil leis gun do chuir Mgr Camshron a thaic ri Nicolas Sarkozy anns an taghadh bho chionn ghoirid, agus gu bheil eadar-dhealachadh bheachd aca cuideachd air an dòigh as fheàrr air dèiligeadh ri staing an ionmhais.

Northern Rock

Thuirt Oifis Nàiseanta an Sgrùdaidh gu bheil a h-uile coltas ann gun caill Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte mu £2bn leis gun deach am banca Northern Rock a chur dhan roinn phrìobhaidich. Ach thuirt an oifis gur e an Northern Rock a reic ri Virgin Money an-uiridh an dòigh a b'fheàrr air luchd-pàighidh na cìse a dhìon bho thuilleadh call.

Uibhist a Tuath

Tha tàinig iarrtas bho ghin de bhailtean Uibhist a Tuath agus Bheàrnaraigh airson na h-oighreachdan air a bheil iad a cheannach. Chaidh iarraidh sa Mhàirt air comhairlichean na sgìre sgrìobhadh gu clàrc gach baile a dh'fhaicinn an robh taic ann airson sin. Ach tha a' mhòr-chuid air sgrìobhadh air ais ag ràdh gu bheil iad airson gnothaichean fhàgail mar a tha iad. Thuirt an Comh. Uisdean Robasdan gu bheil a h-uile coltas ann gur ann mar sin a dh'fhuiricheas cùisean airson ùine mhath fhathast.

Tubaisteanrathaid

Chaidh seirbheisean èiginn a ghairm gu dà thubaist-rathaid air a' Ghàidhealtachd an-diugh, aonan anns an Eilean Dubh agus gu tubaist eile ann an Loch Abair. B'fheudar do luchd-smàlaidh boireannach a shaoradh à càr faisg air Bun Lòchaidh air rathad B9161 faisg air ceann-rathaid an A9 an dèidh tubaiste eadar trì charbadan. Bha trì charbadan cuideachd san tubaist air an A82 mu thrì mìle deas air a' Ghearasdan. Fhuair na Poilis an sin gun deach boireannach a thoirt don ospadal.

UBC

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad an dùil gum bi fios aca aig toiseach na seachdain seo tighinn dè thachras dhan obair a bha a' chompanaidh UBC, a tha a-niste ann an rianachd, a' dèanamh dhaibh. Bha coinneamhan le ceannardan na Comhairle an t-seachdain seo leis an luchd-rianachd Zolfo Cooper. Bha UBC a' togail taigh-cùraim ùir na Hearadh dhan Chomhairle, agus tha an obair air a' phròiseact sin air stad. Bha iad cuideachd a' togail thaighean do Chom-pàirteachas Taigheadais Innse Gall ann an Steòrnabhagh.

Coimisean na Croitearachd

Tha dragh air Coimisean ùr na Croitearachd nach eil neach-gairm orra fhathast. Cha-mhòr nach eil dà mhìos bho chaidh an coimisean ùr a stèidheachadh. Aig an dàrna coinneimh den Bhòrd ann an Inbhir Nis thuirt fear-labhairt bhon Riaghaltas nach eil fios fhathast cuin a thèid cuideigin fhastadh, ach gum feum iad cumail ris na riaghailtean àbhaisteach mu a bhith a' cur cuideigin ann an dreuchd phoblaich.