1,000,000 craobh air an cur air Ghàidhealtachd

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, Forestry Commission
fo-thiotal an deilbhMairidh an obair 250 bliadhna, gus an ùraich a' choille i fhèin gun taic bho mhac an duine

Tha buidheann charthannais a tha ag amas air 1,000 mìle ceàrnagach den Ghàidhealtachd a chur fo choiltean dùthchasach mar a bha o shean, gus am milleanamh chraobh a chur an deireadh seachdain seo.

Bidh a' bhuidheann Trees For Life ag obair ann an co-bhuinn le Coimisean na Coilltearachd, Buidheann Dìon an Eunlaith, agus uachdarain phrìobhaideach, agus tha fearann fo shealbh na buidhne fhèin cuideachd - Oighreachd Dhul Dreagain ann an Gleann Moireasdain, far am bi iad a' fàs chraobhan agus a' sìolachadh lusan tearc a tha dùthchasach do dh'Alba.

Thòisich a' bhuidheann ann an 1989, agus iad a' cur chraobhan airson glèidhteachais, agus airson àrainneachd dhùthchasach na Gàidhealtachd a chur air ais mar a bha i uair.

Thig na mìltean dhaoine a dh'obair dhaibh gu saor-thoileach gach bliadhna.

250 Bliadhna

Bidh iad a' cur nan craobhan air pàtranan nàdarra, seach mar a bhios craobhan ann am planntail, agus leigidh an cruth nas fhosgailte le barrachd sheòrsaichean de dh'fhiadh-bheatha tighinn beò anns a' choille.

"Tha a' choille dhùthchasach fada nas eagsamhaile, sgapte. Bidh craobhan òga, 's craobhan sean, agus diofar seòrsa chraobhan," thuirt Cailean Hall, a bhios a' co-òrdanachadh a' phròiseict.

"Bidh badan ann a tha tiugh, 's badan eile a tha nas taine. 'S e àrainneachd fada nas eagsamhaile a th' ann, anns am faod mòran a bharrachd bheathaichean, eòin agus lusan tighinn beò.

"Ann an sgìrean mòra timcheall air seo, tha craobhan agus na gnèithean-beatha eile a thig beò nan cois a dhìth.

"Tha sinne ag obair a dh'ionnsaigh a bhith gan tilleadh, gus àrainneachd nàdarra a chur air ais.

"Tha sinn ag amas air 1,000 mìle ceàrnagach air Ghàidhealtachd an Iar, eadar Loch Nis agus an t-Eilean Sgitheanach.

"Tha sinn a' cur giuthas Albannach, beithe, feàrn, caorann, seileach, aiteann, craobhan mar sin," thuirt e.

Cuiridh a' bhuidheann a' mhilleanamh chraobh aca Didòmhnaich.

Mairidh obair na buidhne 250 bliadhna - cho fad 's a bhios giuthas Albannach beò.

Aig an ìre sin bidh a' choille ga h-ùrachadh fhèin, gun feum a bhith aice air mac an duine.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh