Teachd-a-steach na h-Eaglaise Saoire sìos

Suachainteas na h-Eaglaise Saoire
Image caption Bidh Àrd-sheanadh na h-Eaglaise ann an ath-sheachdain

Thàinig lùghdachadh de £85,000 air teachd-a-steach na h-Eaglaise Saoire bho na coithionalan aice air a' bhliadhna a dh'fhalbh.

Bha an eaglais £310,000 gann aig deireadh na bliadhna, ach mur a b' e an teachd-a-steach bho bhith a' reic thogalaichean 's eile, bhiodh an t-suim sin air a bhith na b' fhaisge air £560,000.

Bha an t-ìsleachadh ann an teachd-a-steach nan coithionalan gu h-àraidh follaiseach anns an fheadhainn as motha.

Thuit teachd-a-steach choithionail Steòrnabhaigh còrr is £40,000 - agus bha lùghdachadh mòr cuideachd anns an airgead a fhuaireas bho choithional Dhowanvale ann an Glaschu.

Ann an àitean eile ge-tà, 's ann a thàinig àrdachadh air an teachd a-steach.

Chaidh teachd a-steach coithional Dhùn Dè suas còrr air £8,000, agus bha àrdachadh beagan is £6,000 ann am Baile Ghobhainn 's Cùil Lodair.

Atharrachadh

Tha beachd ann gur e an siostam ùr ionmhais a chaidh a thoirt a-steach ann an 2010 a bu choireach, gu ìre, airson an lùghdachaidh.

Dh'fhàg an t-atharrachadh nach fheumadh coiothionalan uidhir dhen airgead aca a thoirt seachad gu prìomh oifisean na h-eaglaise.

Chan eil Clarc Àrd-sheanadh na h-Eaglaise Saoire, an t-Urr. Seumas MacÌomhair, a' dèanamh dheth gun tug an deasbad cruaidh a bh' ann an-uiridh mu bhith a' ceadachadh laoidhean agus ionnstraimeadan-ciùil buaidh mhòr air suidheachadh an ionmhais.

"Tha fios againn gun do chaill coiothionalan cuid de bhuill ach saoilidh mi an àireamh a dh'fhàg, anns an fharsaingeachd, bha an àireamh cho beag 's nach robh sin a' dol a thoirt atharrachadh air cùisean," thuirt e.

Bidh an suidheachadh ionmhais am measg nan cuspairean air an tèid bruidhinn aig Àrd-sheanadh na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann an t-seachdain seo tighinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile