Taghadh Chupa na Camanachd

Cupa na Camanachd Image copyright Other
Image caption Chaidh an taghadh a dhèanamh ann am Bun-Sgoil Achadh na Creige.

'S e dearbaidh Loch Abair eadar Cill Mhàilidh agus an Gearasdan an geama as inntiniche san darna chuairt de Chupa na Camanachd.

'S e BPA Earra-Ghàidheal is Bhòid, Mìcheal Russell, agus fear de chomhairlichean an Òbain, Ruairidh MacCuthais, a rinn an taghadh ann am Bun-Sgoil Achadh na Creige Diluain.

Choinnich Cill Mhàilidh is an Gearasdan anns a' chuairt dheireannaich ann an 2005, geama a bhuannaich an Gearasdan 3-2.

Chan eil na sgiobaidhean a' dol cho math san lìog am bliadhna sa dh'iarradh iad ach bidh iad ag amas air a' gheama aca a thoirt gu ìre eile son an dearbaidh.

'S e an geama mòr eile 's dòcha Ceann Loch Seile an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich, dà sgioba bhon Phrìomh Lìog.

Tha Ceann a' Ghiuthsaich gu mòr ag amas air Cupa na Camanachd a bhuannachadh air ais son a' chiad turas bho 2006, ach cha bhi gnothaichean furasta dhaibh sa Chlachan Aillseach is Ceann Loch Seile air toiseach-tòiseachaidh glè mhath a dhèanamh sa Phrìomh Lìog.

Bidh Baile Ùr an t-Slèibh, a bhuannaich an fharpais an-uiridh, an aghaidh na Manachainn.

Tha an taghadh air fad mar a leanas;

Cill Mhàilidh - An Gearasdan

Ceann Loch Seile - Ceann a' Ghiuthsaich

Baile Ùr an t-Slèibh - A' Mhanachainn

Lòbhat - Cille Mhoire

Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal - Caol Bhòid

Loch Abar - Eilean Bhòid

An t-Eilean Sgitheanach - Gleann Urachadain

Inbhir Aora - Srath Ghlais

Thèid na geamaichean air adhart Disathairne an 2mh den Òg-Mhìos.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile