Teine ga rannsachadh

An taigh ann am Baile a' Chnuic
Image caption Chaidh na togalaichean a mhilleadh gu dona.

Tha poilis a' sgrùdadh dè dh' adhbharaich teine ann an Inbhir Nis anns an do chaochail boireannach òg.

Thachair an teine ann an dachaigh air Cearcall Chinn Tàile ann am Baile a' Chnuic mu 02:00 sa mhadainn Disathairne.

Sgap e an uairsin gu an dà thogalach ri thaobh.

Chaidh mu chòig duine deug a thoirt a-mach à togalaichean mun chuairt.

Bha còrr is fichead luchd-smàlaidh agus ceithir carbadan-smàlaidh an làthair 's fhuairear smachd air an teine mu 04:30 sa mhadainn.

Fhuairear an corp san togalach as dèidh làimh.

Cha deach am boireannach ainmeachadh gu h-oifigeil fhathast ach thathas a' tuigsinn gur i Angela Ireland.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile