Taic ris na Bàigh a cheannach

Sgìre nam Bàgh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Thèid tuilleadh choinneamhan a chumail air a' ghnothach

Chuir a' mhòr-chuid aig coinneimh ann an Ceann a Deas na Hearadh oidhche Ardaoin, an taic ris an ath-cheum a ghabhail gus oighreachd nam Bàgh a cheannach.

Fhuair a' choinneamh anns an t-Òb fiosrachadh bho riochdairrean bho urrasan oighreachd Cheann a Tuath, agus Taobh an Iar na Hearadh, 's bha cothrom aig an 63 duine a bha an làthair ceistean a chur orra.

Bhòt 41 duine gun robh iad airson an ath-cheum a ghabhail, le 12 a' bhòtadh na aghaidh.

"Bha coinneamh mhath againn," thuirt Ceannard Comhairle Coimhearsnachd Cheann a Deas na Hearadh, Hamish Mac an Tàilleir.

"Bha Fear-cathrach Urras a' Cheann a Tuath againn, agus bha Clàrc Urras an Taobh an Iar againn, agus chaidh iadsan tro dhòigh smaoineachaidh an rud a tha sinn a' dol troimhe an-dràsta, agus tha iad eòlach air, agus air mar a tha cùisean air a bhith a' dol dhaibh fhèin on uair sin.

"Mar sin sin feadhainn a bha thall 's a chunnaic mar a chanas sinn.

"Agus bha Dàibhidh Camshron againn a th' air Bòrd Fearainn Choimhearsnachd na h-Alba, agus bha tè againn o Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a tha a' dèiligeadh ri rudan den t-seòrsa seo.

"Thàinig beagan de cheistean a bha gu math cudromach, 's chaidh am freagairt gu soilleir.

"A' chuid a bu mhotha de na ceistean, 's ann bho chroitearan a thàinig iad, agus iadsan mar gum biodh ceist orra, nan deadh an oighreachd a cheannach, ciamar a bha sin a' dol a bhualadh orrasan mar chroitearan?

"Fhuair iad am freagairt nach robh e a' dol a dhèanamh diofar sam bith orra, ach nan deadh an rud air adhart, gum biodh uachdaran eile orra, agus nach biodh an còrr atharrachaidh air a dhèanamh orra.

"Bidh tuilleadh choinneamhan againn, o chionn cha robh ach muinntir cheann a deas na h-oighreachd an làthair.

"Bidh sinn a' cur air chois coinneimh den aon sheòrsa shuas anns na Bàigh a dh'aithghearr airson an aon fhiosrachadh a thoirt seachad do mhuinntir nam Bàgh," thuirt e.