Murt is gaol neo-cheadaichte

Manach
Image caption Thèid cuibhreann de na prothaidean gu buidhinn charthannais

Shaoileadh tu gum biodh comhairliche a bh' air a dhreuchd a leigeil dheth na bu dheònaiche a chasan a chur suas cois an teine agus leabhar a leughadh, na bhiodh iad leabhar a sgrìobhadh.

Ach 's e sin a tha Roy Pedersen - a leig dheth a dhreuchd mar chomhairliche air Ghàidhealtachd aig an taghadh an t-seachdain seo chaidh - air a dhèanamh.

Ged nach e seo a' chiad leabhar a tha Roy air sgrìobhadh, 's e a' chiad turas a shìn e ri ficsean a sgrìobhadh. 'S e na thàinig às an oidhirp, leabhar air a bheil Dalmannoch, anns a bheil sgeulachd dhorcha mu mhurt agus gaol neo-cheadaichte eadar manach agus banaltraim.

'S ann sa Bheurla a tha an leabhar, ach tha a' Ghàidhlig a' nochdadh an siud 's an seo san sgeulachd.

Tha an leabhar air fhoillseachadh leis a' bhuidhinn charthannais "For the Right Reasons" a tha stèidhichte anns a' Mharc-innis ann an Inbhir Nis, agus gheibh a' bhuidheann sin cuibhreann de na prothaidean bhon leabhar.

Bidh a' bhuidheann a' cuideachadh dhaoine a tha a' cur bhuapa a bhith a' cleachdadh dhrogaichean agus deoch-làidir.

Tha an sgeulachd a' gluasad bho na Cotswolds ann an Sasainn, gu Gall-Ghàidhealaibh, agus e stèidhichte anns an là an-duigh.

"An leabhar mu dheireadh a sgrìobh mi, 's e Pentland Hero, mu dheidhinn bàt-aiseig gu Arcaibh, agus bha daoine ag ràdh gun robh e coltach ri "ripping yarn," thuirt Roy.

"Le sin bha am beachd agam, uell, carson nach sgrìobh mi "ripping yarn"?

"Sin mar a thòisich e," thuirt e.

Foillsichear an leabhar aig bùth Waterstones ann an ionad bhùithdean an Eastgate, Disathairne.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile