Prionnsapal ùr aig Colaiste a' Chaisteil

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Colaiste Chaisteil Leòdhais
Fo-thiotal an deilbh,
Bhòt am Bòrd gu h-aona-ghuthach airson Mhgr Mhic a' Mhaoilein

Dh'ainmich Colaiste Chaisteil Leòdhais ann an Steòrnabhagh prionnsabal ùr.

Bhòt Bòrd Stiùiridh na Colaiste gu h-aona-ghuthach airson Mgr Iain Mac a' Mhaoilein a chur anns an dreuchd.

Leig an seann phrionnsabal, Dàibhidh Green, a dhreuchd dheth an-uiridh, às dèidh 15 bliadhna.

Bha Mgr Mac a' Mhaoilein ag obair mar phrionnsabal eadar-amail às dèidh do Mgr Green a' cholaiste fhàgail aig deireadh na bliadhna an-uiridh.

Bha e roimhe ag obair mar Stiùiriche Ionmhais agus Sheirbheisean Corporra na colaiste.

Tha Colaiste a' Chaisteil mar phàirt de dh'Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh